Skip to main content

Full text of "Caoidh airson cor na Gaidhealtachd agus fogradh nan Gaidheal"

See other formats


CAOIDH AIRSON COR NA CIAIDHEALTACHD 
AGUS FOGrRADH NAN G-AIDHEAL. 



Owing to emigration and various other causes inimical 
to Celtic Literature, it is likely that at no distant period 
the Gaelic will cease to be the vernacular language of 
the Highlands. Still, there is some reason to believe 
that the race of Gaelic Poets is not exfcinct in this 
country yet. The following valedictory semi-lament, is 
from the pen of a il Poet, and the son of a Poet," now 
no more. The father, in his day, published a volume of 
his poetical effusions, possessing considerable merit ; 
and it is to be regretted that the son's modesty prevented 
him from following the example of his sire, by favouring 
the public with part of his productions. The present, 
however, is a specimen of his composition, which is 
considered to be above mediocrity. The theme is a 
retrospective view and description of the Highlands of 
Perthshire, the scene of his juvenile days ; with a reflec- 
tion, modestly expressed, on the ill-judged policy which 
caused him and others to leave their native glens, to 
make room for sheep and deer, occupants incapable of 
bearing target or rifle, or defendiug the country in case 
of invasion, now so much talked of. " S'nuair a thig 
iad dliiarraidh daoine, gheibh iad caoraich ann gu 
hoir." 

G. 



CAOIDH AIRSON COR NA G AIDHEALTACHD 
AGUS FOGRADH NAN GAIDHEAL. 



c 



Air Fonn. — " Mort Ghlinne Cumhan." 

Fhir a shiubhaileas dom dhùthaich, 
Beir beannachd le ruin uam da còir, 
Ghaelteachd bheadarach mhuirneach, 
Sam b-àbhaist dhomh dùsga 's mi òg ; 
Tir nan gaisgeach 's nan trèun-fhear, 
Rachadh brais ann san streupa le deòin, 
'S nach geilleadh do phràbar, 
Fhad sa mhaireadh fuil bhlàth annt' is deò. 

Soireadh uam gu Siochaillean, 

Tha geiridh 'm Bun-Raineach nam bò, 

'S Beinn-a-Chuallach nan tàrmach, 

Air 'm minic a thàrmaich 'n ceò, 

Sa Ghiusach bha miadhail, 

Mun do spiant' i a freumh le droch phòr, 

'S Càri ainmeal bha ciiirteal, 

Far an cluinte luchd ciuil aig tra nòin, 

Soireadh eile don gharbh-mheall, 
'S h-uile stachdan is garbh-chlach na chòir, 
Far 'm faighte Fir-chalamadh 
A sireadh so sealg daimh na cròic, 
Bhidh am fùdar a lasadh, 
'Sluaidh dhù-ghorm gu brais dol na lòid, 
Sa 'm fear ceannardach cabrach 
'S e na dheann tuiteam thaireas gun trèoir. 



3 



Soireadh eile gun dearmad, 

Bheir a null gu Loch-Eireachd 'n fheidh 

'S gu Beinn Amhlair na h-uaghaimh, 

Far na thuinich Fear Chluainidh sa 'm Prionns ? 

'S cha robh dh' òr ann an Sasunn, 

Na dhuisge luchd bratha san am, 

Ged chaidh pailteas dheth thairgse, 

Mur luach foladh 's mur phris air a cheann. 

'S bheir thu scriob mach gu Fuar-mhon, 
Sa null gu Druira-uachdair nan drobh, 
Gu Loch-Garadh san Cearcull, 
Mur sin 's Dail 'n Spideal an f heòir, 
Far am b'-aist don ghreidh uallach, 
Bhith mireag sa ruaig air an lòn, 
Stric bha spuirt aig daoin uaisle ann, 
Le gaothair sheang luath air an tòir. 

Soiridh eil' do Shroin-Phadruig, 
'S le direadh gu braidh an Dùin, 
'N sin chi thu an àros, 
Far 'm b-abhaist domh farsan le 'ra chù, 
Tearnadh staigh air ruidh Ghlas-choir, 
Bu tartrach ann coinneamh fir-mhòr, 
'S piob-mhor mhalach le nuallan, 
Thogadh aigne clann tuadh' gu ceòl. 

Tha na beanntain mur ab-abhaist, 
'S na gleanntain na'n àiteachain fhein, 
Ach gun bhothan air airidh, 
'S gun bhanarach bhlàth ann le spreidh, 
Cha n-'eìl gruth ann na uachdar, 
Cha n-'eìl amhan na fuarag gheal rè, 
Ach fhionntag dhosrach teachd suas ann, 
7 S i a sgaoile mun cuairt air an rèil. 



\ * 

\ 



4 



c'àit' bheil na daoine, 

A chleachd a bhith faoilidh 's na gliim, 

'S c'àit nis bheil na fiurain, 

Chaidh thogail le muiru ann-t pris, 

Rachadh dian an tùs baiteal, 

'S bheiridh bèum as le claidh' is pìc, 

'S dh' fhaga naimhdean nan sineadh, 

Gun chinn, gun chasan, gun lamhan 's gun chli. 

Tha iad nis air an sgaoile, 

Measg bhailtean 's feadh choilltean thair sàil, 

Dheanadh àite do chaoirich, 

Agus airgead is maoin do luchd chàp, 

Air am fogradh a 'n duthaich, 

'S gun aon duil ac ri pilleadh gu bràth, 

Sann chuir cabag na caorach, 

'N da chuid croinn agus daoin air an spàr. 

Ach mu thig oirn na Frangaich, 

' S iad a bagairt san am oirn air sheòl, 

Cia mar bheir sinn dhoibh ionnsuidh, 

'S sinn gun spionnadh gun daoine gun dòigh, 

'N cuir sinn claidh' air caoirich, 

Is targaid air gairdean daimh mhòr, 

Na 'n cuir tamhunn cù ciobair, 

Eagal air miltean de shloigh. 

Tha mo smaointeansa luaineach, 

'S tha 'm inntinn fo bhruaillean gu ìeor 

'S mi cuimhneach nà GaelteacJid, 

Bha caireamach cairdeal ro choir, 

Tha i nise &ir caochladh, 

Na fasain na daoine 's na seòil, 

'S tha mise nam aonar, 

Mur Oisean ga caoimhne le bròn. 



1 


Digitized by 


the Internet Archive 








in 2013 







http://archive.org/details/caoidhairsoncorn1800stew